Saturday, December 10, 2011

An Dùbhlan - The Challenge

Hallo, is mise Garrett Anderson ach nuair a tha mi a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig is toil leam an t-ainm Tormod. Chan eil fhios agam carson, ach tha fuaimneachadh an ainm dìreach a' còrdadh rium gu mòr. Co-dhiù, tha mi a' tòiseachadh a' bhlog seo air sgàth 's gu bheil mi ag iarraidh obair fhaighinn ann an Alba. Agus anns na laithean a dh'fhalbh o chionn ghoirid, tha mi a' faicinn nach eil e furasta a dhol dhan Rìoghachd Aonaichte mur eil Amaireaganach a tha annad agus chan eil thu anns an airmealteach. Mar sin, tha mi ag iarraidh blog anns a' Ghàidhlig a sgrìobhadh gus an latha a gheibh mise obair ann an Alba ann an coimhearsnachdan Gàidhlig no a bhith ag obair leis a' chànan fhèin air doigh 'sam bith.

No comments:

Post a Comment